Sgoil Faith and Hope - Ciamar a thòisich i?

’S e bean à Sàimbia, Rosemary Mumbi, a chuir an sgoil air cois sa bhliadhna 2003. Tha i fhathast ga stiùireadh, agus l’a obair chruaidh ’s a creideamh làidir crìostaidh, tha i air a treòrachadh ’s i a’ fàs bho 2 sgoilear nuair a thòisich i gu barrachd is 600 sgoilearan an-diugh.

Chan eil riaghaltas Sàimbia a’ dèanamh àitichean sgoile ach do chuibhreann glé bheag de chlann na dùthcha, agus chaidh Sgoil Hope and Faith a chur air bonn gus foghlam a thoirt do chuid den t-sluagh cloinne ann am frith-bhaile Ngombe air iomall Lusaka aig nach biodh cothrom eile air àite-sgoile.

Tha a’ mhòr-chuid den chloinn sin beò-bochd, agus tha cuid mhòr aca air pàrant no dà phàrant a chall le Aids. Air sgàth sin, an lòn a tha an sgoil a’ toirt do gach sgoilear aig a’ mheadhan-latha, tha e ’na phàirt chudromach den taic a tha an sgoil a’ toirt don chloinn.